Seo stoiridh às an leabhar Folk Tales and Fairy Lore a bha cruinnichte le James MacDougall (1910). Fhuair mi e glè inntinnich airson bha bean an riochd muile-mhag ann an fear de stoiridh agamsa bho chionn ghoirid (Tha mi a' ciallachadh fear de stoiridh a sgrìobh mi).
BANRIGH NAN SITHICHEAN AN RIOCHD MUILE-MHAG
Bha uair eigin a' fuireachd, aig ceann Loch Raonasa an Arainn, bean tuathanaich a bhitheadh a' deanamh àite mna-glùin d'a ban-choimhearsnaich.
Air latha bòidheach fogharaidh thuit dhi féin agus do mhnaoi eile a bhi mach air an achadh ag geàrradh coirce. Roimh fheasgar leum muile-mhàg mhór, bhuidhe gu h-éigineach á rathad a corrain ; agus, an uair a chunnaic i an creutair truagh 'ga slaodadh féin á cunnairt, thubhairt i : "Tha thusa an sin, a luideag bhochd ; b' fheàirrde thu mise mu d' thimchioll an ùine ghoirid." "O! am beathach mosach," ars' a' bhean eile : "ma thig i an rathad agamsa, cuiridh mi bàrr mo chorrain troimpe." "Cha chuir, cha chuir," arsa bean an tuathanaich; "cha'n 'eil an creutair bochd ach a' màgaran mu'n cuairt a' trusadh a cuid mar tha sinn féin." Agus leigeadh air falbh a' mhuile-mhàg le a beatha.
An ceann beagan làithean thàinig gille an cabhaig a' marcachd air each glas gu tigh an tuathanaich, agus bhuail e buille air an dorus leis an t-slait a bha 'na làimh. Chaidh an tuathanaich a mach, agus thubhairt an gille ris gu'n d'thàinig e air-son na mnà a dh'fheitheamh a bhan-mhaighstir, is i am feum a cuideachaidh. Dh'iarr an tuathanach air dol a stigh agus biadh a ghabhail, am fad is a bhitheadh a bhean a' deanamh deas air-son an turuis. Fhreagair e gu'n robh e an cabhaig, ach gu'n feitheadh e far an robh e gus am bitheadh i deas.
An so thàinig a' bhean a mach, agus thubhairt i nach rachadh i ceum leis mur tigheadh e stigh, agus an gabhaidh e greim bìdh. Ach chuir e 'na cuimhne ciod a thubhairt i r'a bhan-mhaighstir an uair a thachair i oirre ann an riochd muile-mhàg air an achadh bhuana; agus an sin thubhairt e nach faodadh i dol á cois a facail.
Chunnaic i gu'n robh i an sàs leis an ni thubhairt i, agus gu'm feumadh i falbh leis. Ach mu'n d'fhalbh i, gheall an gille gu'n tugadh e dhachaidh gu sàbhailt i an ceann beagan làithean.
Chuir an tuathanach a bhean air cùl a' ghille; agus cho luath is a fhuair i 'na suidhe an sin, air falbh 'na dheannaibh ghabh an t-each glas a suas ri aodann a' bhruthaich. Ann an ùine glé ghoirid ràinig e am mullach, agus an sin thionndaidh e a aghaidh ri glomhas mór a bha eadar am bruthach a dhìrich e agus aon eile a bha m'a choinneamh. An uair a thug bean an tuathanaich so fa-near, ghlaodh i ris a' ghille: "Ciod is ciall duit? Am bheil thu an dùil gu'n leum an t-each an glomhas sin?" Ach mu'n robh na briathran as a beul chaidh an t-each thairis air mar eun air iteig. "Is math a fhuaradh thu, a phiseag ghlas!" ars' an gille ris an steud a bha fodha. Chuir na briathran so ioghnadh air bean an tuathanaich ; ach, ma chuir, bu mhóide a h-ioghnadh an uair a dh' amhairc i, agus a chunnaic i nach robh anns an steud a mharcaich i féin agus an gille, ach cat glas.
"A nis," ars an gille ri bean an tuathanaich, "tha thu a' dol do Shìthean, a tha goirid as a so, a dh'fheitheamh air Ban-rìgh nan Sìthichean ; agus, mu'n téid thu na's fhaide, innsidh mi dhuit ciod is còir dhuit a dheanamh, an uair a ruigeas tu e."
"Na bitheadh eagal ort mo chomhairle-sa a ghabhail, oir cha'n e sìthiche a tha annam-sa idir, ach duine saoghalta. Tha mi fo gheasaibh aig na sìthichean fad bliadhna thar fhichead; agus tha bliadhna eile agam ri chur a stigh fhathast, mu'm bi mi saor, agus comas agam pilleadh air m' ais ri mo dhaoine féin a rithist. Chum gu'm bi agad-sa cuideachd comas pilleadh dhachaidh aig ceann do ùine féin, thoir fa-near ciod a their agus a nì thu, fhad is a bhitheas tu 'san t-Sìthean."
"Cha bhi nithean an sin mar dh' amhairceas iad ; ach dean thusa mar dh' iarras mise ort, agus chì thu iad mar tha iad; agus cha bhi thu tuilleadh an cunnart a bhi air do mhealladh leò."
"Ma-tà, gheibh thu tri seòrsachan siabhuinn, aon aca geal, aon eile dhuibh buidhe, agus an treas aon dearg. An uair a gheibh thu leat féin, suath an siabunn geal os ceann do shùla deise, agus bheir e air falbh an sgleò dhith, agus an sin chì thu nithean gu ceart. Ach thoir aire mhath nach bean thu ri do shùil no ri do mhala le aon de'n dà sheòrsa eile."
"Sin agad mo cheud chomhairle; agus so té eile, agus bi cinnteach nach dearmad thu i. An uair a bhitheas do ùine mach, thig mise air do shon; agus an sin cruinnichidh na sìthichean mu do thimchioll, agus tairgidh gach aon diubh ni-eigin rá thabhairt leat mar ghean-math. Faodaidh tu rud air bith a bheir iad dhuit a ghabhail, ach òr is airgiod; agus innsidh mise dhuit a rithist ciod is còir dhuit a dheanamh riu. Ach tha sinn a nis an sealladh an t-Sìthein, agus feuch nach tig thu thairis air ni air bith a thubhairt mise riut."
Bha dorus an t-Sìthein fosgailte rompa, agus solus sèimh a' deàrrsadh a mach troimhe. Chaidh bean an tuathanaich a stigh, agus b' ann an sin a bha an t-àite brèagh. Bha na ballachan agus am mullach loinnireach le òr agus airgiod; agus air an ùrlar bha bòrd fada, uidheamaichte, agus saor do na h-uile a thigeadh. Bha an sin cuideachd mhór a dh'fhir agus a mhnathan òga sgeadaichte an aodach uaine, agus a thug bàrr air na chunnaic i riamh ann am maise. Chuir iad uile fàilte oirre, agus thug aon aca stigh i do sheòmar na Ban-rìgh.
Rinn a' Bhan-rìgh gàirdeachas rithe, agus thubhairt i gu'n robh earbsa aice innte, o'n là a ghabh i truas dith air an achadh bhuana. Dh'fhuirich bean an tuathanaich greis 'san t-Sìthein.
Air là àraidh, an uair a bha i leatha féin, ghabh i an siabunn geal, agus shuaith i e os ceann a súla, agus an sin ghrad dh' atharraicheadh gach ni m'a timchioll. Thionndadh an t-àite brèagh 'na tholl ruaddh gainmhich, agus na daoine móra eireachdail a bha ann, 'nan seann chreutairean beaga, duaichnidh. Cha do ghabh i oirre ciod a rinn no chunnaic i, ach o sin bu latha gach mionaid leatha gus an d'fhuair i as. Mu dheireadh thàinig an gille a cabhaig, agus ghlaodh e rithe a bhi deas falbh leis-san, a chionn gu'n d'thàinig an t-àm anns am feumadh esan a ghealladh a choimhlionadh d'a fear.
Cho luath is a chuala na sìthichean so, chruinnich iad mu'n cuairt oirre, agus thairg gach aon aca dhi ni-eigin mar ghean-math. Ghabh i gach ni a fhuair i, ach airgiod agus òr, mar dh' iarradh oirre; agus chaidh i mach. An sin dh' fhalbh i 'na suidhe air cùl a' ghille air an steud ghlas.
Ach ghabh an gille rathad ùr a thug iad troimh phreasan dhreas agus dhroighinn. Cho luath is a ràinig iad a' cheud phreas, ghlaodh an gille rithe aon de thiodhlacan na sìthichean a thilgeil ann. Rinn i sin, agus ghrad-sprèadh e le fuaim cho cruaidh ri urchair gunna, agus chuir e am preas 'na lasair theine. An sin thilg i air falbh na bha aice, aon an déidh aoin; agus mar thachair do'n cheud aon, thachair do'n chòrr. "A nis," ars an gille, "na'n do glèidh thu na rudan ud gus an deachaidh thu dhachaidh, chuireadh iad an tigh ri theine, agus loisgeadh iad thu féin is na bhitheadh ann."
Ràinig iad tigh an tuathanaich an tèaruinteach, dh'fhàg an gille beannachd aig a' mhnaoi, agus an sin dh'fhalbh e air an steud ghlas an taobh a ghabh e an toiseach.