Cailleach nan Cnò agus Tàillear nan Clàr - roinn a dhà

Oct 02, 2013 09:32

"Is mairg a dh'earbadh an oidhche fhad' Fhoghair ris."

Ach bha gille a' fuireach sa bhaile nach robh a' creidsinn ann an cumhachd na Caillich. Thuirt e ris fhèin oidche dhe na h-oidhcheannan gum bu bhochd na cnothan math a' leigeil a ghrodadh aig ceann na caillich agus gum a biodh e tàimailteach mura dèanadh cuideigin feum de na cnothan san uaigh. Air oidche dhorch, nuair a ghabh an teaghlach mu thàmh, thog e spaid air a ghualainn 's dh'fhalbh e don chladh, airson am poca chnothan a chladhach suas.

Air an rathad don chladh, ge-tà, thachair e ri duine a bha droch-chliùiteach airson a bhith ri mèirle chaorach.

"Ho lò!" arsa mèirleach nan caorach, "Càit' an ainm am Àigh a bheil thu dol mun àm seo dh'oidhche le do spaid?"

"Càit' air bith a bheil mise dol," arsa an gille. "Tha mi tuigsinn comharraichte math càit' a bheil thusa fhèin dol. Tha thus' a dol a ghoid moilt. Agus bho na thachair sinn ri chèile 's gun a h-aon againn air gnothach, innsidh mise dhuit far a bheil mi fhìn a' dol. Tha mi a' dol a chladhach suas cnothan na caillich. Ma bheir thusa dhòmhsa leth dhen mholt, bheir mise dhutsa leth de na cnothan."

Dh'aontaich am mèirleach.

"Fhad 's a tha thu air falbh," ars' an gille, "nì mi suidhe sa chladh agus cnacaidh mi na cnothan gus an till thu."

Dhealaich mèirleach a' mhoilt agus gille nan cnò ri chèile air ceann an gnothaich fhèin.

oidhche_shamhna, litir do luchd-ionnsachaidh, seanfhacal, beul-aithris, sgeulachdan

Previous post Next post
Up