Oct 01, 2013 09:20
Litir do Luchd-ionnsachaidh # 663 agus An Litir Bheag #359
Seo agaibh an stòiridh tràidiseanta Cailleach nan Cnò agus Tàillear nan Clàr.
Tha seanfhacal ann ag ràdh "Thig an t-olc ri ' iomradh", a bheil sibh eòlach air? Air sgàth sin, fhuair luchd-buidseachd far-ainm. Cha do dh'iarr duine sam bith a thoirt olc orra-san fhèin leis canntainn an t-ainm de cuideigin olc.
O chionn iomadh bliadhna bha cailleach a' fuireach ann an gleann air a' Ghàidhealtachd. Bha na daoine dhen bheachd gun robh i olc.
Cha robh each a rachadh le creig, nach b' i a' chailleach seo a rinn siud. Cha robh bò a chailleadh a bainne, nach b' i a' chailleach seo a rinn siud. Cha robh maighdeann a chailleadh a leannan, nach b' i a' chailleach seo a rinn siud. Bha an t-eagal uabhasach mòr air a h-uile duine a bha eòlach oirre roimhpe.
Thug iad Cailleach nan Cnò mar far-ainm oirre, oir bhiodh an-còmhnaidh poca làn chnothan aice.
Ri tìde, dh'fhàs a' Cailleach nan Cnò sean. Dh'fhàs i sean agus tinn agus bha fios aice gun robh i a' dol bàs. Thuirt i ris a h-uile duine, nam faigheadh i bàs, gun robh i ag iarraidh gum biodh poca làn chnothan air a thiodhlacadh còmhla rithe, aig a ceann. Sin mar a thachair. Fhuair i bàs, chaidh a tiodhlacadh, agus chaidh poca chnothan a chur don uaigh ri taobh a cinn.
oidhche_shamhna,
stoiridh,
litir do luchd-ionnsachaidh,
sgeulachdan