Oct 03, 2013 09:38
Bha Tàillear nan Clàr a' fuireach sa bhaile. Bha ciorram air. 'S e crioplach a bha e aig nach robh lùth na chasan. Bha clàran fiodha air gach bois agus air gach glùn aige. Bhiodh e a' gluasad air na clàran air a mhàgan agus air an dòigh sin dh'fhalbhadh e bho thaigh gu thaigh.
Bha an Tàillear math air naidheachdan agus seann sgeulachdan innse, ach bha e bragail agus mòr às fhèin. Chuireadh e sìos air feadhainn eile. Cha robh daoine measail air agus cha chuireadh e dragh orra sa bhaile nam biodh cuideigin a' toirt car às.
Thachair dha bhi 'g obair an oidhche sin ann an taigh nach robh mach air trì-fichead slat bho doras a' chlaidh. Agus mar a b' àibhaist, bha 'n taigh làn de luchd cèilidh.
Bha Tàillear nan Clàr ag cur dheth mu gach buidseach, taibhse, agus sìtheach a bha agus nach robh ann. Mu dheireadh thall bhuail am pathadh a h-aon dhen chuideachd, and cha do thachair gun robh boinne uisge anns an taigh.
Thairg fear òg a' dol don tobar. Bha 'n tobar mu leth-dusan slat bho doras a' chlaidh, agus nuair a bha 'n gille faisg air an tobar chuala e cnacadh chnothan anns a' chladh.
Sheas e, 's dh'èist e ; chuala e 'n ath chnò ga cnacadh.
Ruith an gille air ais don taigh, gun a' chuinneag a lìonadh, anail na uchd, 's a dhà shùil an impis leum a-mach às a cheann leis an eagal. Thuirt e gun robh Cailleach nan Cnò air èiridh bho na mairbh agus bha i na suidhe 's a' chladh agus fead aic' air cnacadh nan cnò!
Rinn an fheadhainn eile magadh air.
"Pù," arsa fear thall, 's fear a bhos, "chan eil annad ach an gealtaire bochd."
"Thoir dhòmhs' a' chuinneag," ars gille maol dubh, a bha na shuidhe ann an oisinn, agus dh'fhalbh e leatha le fearail air. Ach thachair an aon rud dhàsan. Nuair a bha e faisg air an tobar, chual' e cnò ga cnacadh.
Thill e gun uisge, ach leis an naidheachd gun robh a' cailleach a' cnacadh chnothan anns a' chladh, mhionnaich e air gach cumhachd, àrd is iosal, nach robh àicheadh air a' chùis, gun robh i ann gun teagamh.
"Tha sibh lag-chrideach 's gun fheum," arsa Tàillear nan Clàr. "Ma-tà! 'S iomadh ceàrn de 'n t-saoghal 's an robh mi, ach cha do thachair mi riamh ri làn taighe de ghealtairean coltach ribh. Nam biodh comas coiseachd agamsa, bheirinn fhèin làn na cuinneig às an tobar, Cailleach nan Cnò ann no às!"
oidhche_shamhna,
stoiridh,
beul-aithris,
litir_do_luchd-ionnsachaidh,
sgeulachdan