Mar 22, 2011 11:59
Mac-Talla
Di-haoine Ogust 22, 1902
Air Di-sathuirne, an naodhamh latha dhe'n mhios, bha Righ Iomhar is Banrigh Alexandra air an crunadh. Bha an t-seirbhis air a giorrachadh(1), agus moran na bu lugha greadhnachais(2) na bha i gu bheil 'san òg-mhios, ach bha i da-rìreadh sòluimte(3), agus bidh latha 'chrùnaidh na latha air am bi sgeul troimh linntean ri teachd(4). Bha an righ ann an deagh shlàinte agus sheas e ri saothair is sgìths an latha gu math. Bha Abaid Iarmhinisteir loma làn sluaigh, as gach cearna(5) dhe'n t-saoghal, agus bu shealladh greadhnach da-rireadh na bha ri fhaicinn ann. Bha a' chuid bu troma de'n t-seirbhis air Ard-easbuig Chanterbury; tha an seann duin' urramach sin air fàs car(6) dall agus breòite(7), 's bha e gle dhoirbh(8) dha a phàirt a ghabhail gu ceart. An àm a bhi cur a' chrùin air ceann an Righ, bha leithid de chrith na ' laimh 's gu'm b'fheudar a stiùireadh le neach eile; agus nuair a chaidh e dheanamh ùmhlach(9) do'n Righ cha mhor nach deach e ann an laigse. Chuireadh an crùn an ceann na Banrigh le Ard-easbuig York. Tha an Impireachd uile ri gàirdeachas a chionn gu'n deachaidh an crùnadh a dheanamh gun sgiorradh(10) sam bith. Bha sgeul air a h-aithris, nuair a b' fheudar an crùnadh a leigeadh seachad 'san òg-mhios, gu'n d' rinn ban-fhiosaiche anns na h-Innsean fiosachd nuair a bha Iomhair na dhuin' òg, gu'n rìghicheadh(11) e ach nach biodh e 'm feasd air a chrùnadh. Bha na saobh-chràbhaich(13) a' toirt creideas dh'a sin, agus air an aobhar sin, bhiodh e air a mheas mar thrioblaid mhoir na'n robh ni sam bith air tachairt a chuireadh an crùnadh air ais a rithist, no eadhon a chuireadh maille 'san t-seirbhis. Gu freasdalach, cha do thachair ni dhe'n t-seòrsa sin, agus feumaidh luchd an t-saobh-chràbhaidh cuspar eil' fhaotainn. Agus a nis, o'n tha'n Righ gu daingeann(14) air a chathair, agus air a chrùnadh le sìth a radh nach eil sluagh fo a riaghladh a's dilse dha, no a's dùrachdaiche(15) ghuidheas(16) saoghal fada agus rìgheachadh sona dha na na Gàidheil.
(1) giorrachadh - shortened
(2) greadhnachais - festivity, pomp, solemnity, magnificence
(3) sòluimte - Gaelicized solemnity?
(4) teachd - to come?
(5) cearna = Gaelicized corner, quarter, region
(6)
mac-talla,
naidheachdan