Beul-aithris - Tàcharan

Nov 14, 2014 12:33

Shaoil mi a-riamh gun robh am facal "changeling" a' ciallachadh an leanabh a bha air ghoid agus an sìthiche a bha air falbh. Chan eil e fìor ge-tà.

A-rèir Katharine Briggs anns an leabhar aice, Abbey Lubbers, Banshees & Boggarts; an leabhar a bha mu dheidhinn sìthichean Sassanach; 's e an sìthiche a tha ann "changeling" a-mhain.

Sgrìobh i :Changelings were the things that were left to take the place of human babies or nursing mothers stolen by the fairies.
Rudan, chan e daoine. Sgrìobh i sin "rudan" airson chan eil sìthichean a-mhain air falbh mar tàcharan an àite an càoineachan no an t-sighideach.

Tha trì seòrsachan de tàcharan; stoc maidean, leanabh sìth agus seann shìthiche.

Tha na sìthichean a' cleachdadh stoc maidean nuair a tha iad ag iarraidh a ghoid duine inbheach (boireannach mar as trice, an dara cuid màthair a tha a' banaltrachadh no cailleag àlainn a tha aon de na sìthichean ag iarraidh). Tha coltas an duine air an stoc maidean, coltas an duine TINN. Bidh an stoc maidean a' fàs nas tinne agus a' dol bàs agus bidh air thiodhlachadh.

Uaireigin bidh na sìthichean a' cur an leanabh sìthiche an àite an leanabh saoghalta. Tha e tinn, mar as trice, agus chan e a' soirbheachadh. Tha e a' gul agus a' caoineadh agus a' sgreuchail fad na h-uine. Chan eil e ag ithe. Chan eil e ag òl. Chan eil e a' cadal.

Agus 's e an seann shìthiche an treas seòrsa tàcharain. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mar cluaineas, nach eil? Tha an seann shìthichean sgìth, caithte agus mar tàcharan tha cuideigin ga thoirt cùram agus ga bheathachadh agus chan eil obair sam bith aige a dhèanamh. 'S e deagh bheatha. Airson an tàcharan. Chan eil airson a' mhàthair.

folklore, beul-aithris, fairy_lore

Previous post Next post
Up