{Seo an sgeulachd mar a dh'innis Ruairidh MacIllLeathain e. Cha toigh leam seo. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil i lann uabhasach mòr le fuil. Coltas ri film shlaidsear. - puxill}
An Litir Bheag 95
Tha seann sgeulachd agam dhuibh. ’S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. ’S e an tiotal slàn oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe - Gun Chomas Èirigh no Laighe.
Thàinig i bho Alasdair Camshron aig deireadh an naoidheamh linn deug. Bha Alasdair à Àird nam Murchan. Bha e ag obair air an rathad eadar Dùror is Baile a’ Chaolais. Fhuair e na sgeulachdan aige bho sheann daoine anns an sgìre. Rinn mi an sgeulachd na bu shìmplidhe. Agus rinn mi na bu ghiorra i. Ach tha mi an dòchas gun còrd i ribh.
Co-dhiù, seo i -
Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe:
Bha Fionn agus a dhaoine a-muigh a’ sealg. Thug Fionn sùil sìos an gleann. Chunnaic e fear òg a’ tighinn. Thàinig am fear òg. Chuir am fear òg fàilte air Fionn. Chuir Fionn fàilte air an fhear òg. Thuirt am fear òg gur e gille a bh’ ann. Bha e ag iarraidh maighstir.
“Tha gille a dhìth orm,” thuirt Fionn. Dh’fhastaich e an gille.
Cha robh Conan toilichte. Cha do chòrd coltas a’ ghille ris.
“Dè do dhuais?” dh’fhaighnich Fionn dhen ghille.
“Gun tig sibh uile còmhla rium gu cuirm nuair a tha an ùine agam seachad,” fhreagair an gille. Bha e gu bhith còmhla ri Fionn airson latha is bliadhna.
Chaidh an ùine aig a’ ghille seachad. Bha Fionn agus a dhaoine a’ dol a dhol còmhla ris a’ ghille gu cuirm. B’ e sin duais a’ ghille. Bha an gille luath. Bha e ceann-ruisgte is cas-ruisgte. Chaidh e o bhealach gu mullach. Chaidh e o mhullach gu gleann. Chaidh e o ghleann gu srath.
Dh’fhalbh Caoilte às a dhèidh. Ruith Cuchuilinn às dèidh Chaoilte. Bha na daoine eile às dèidh Chuchuilinn. Bha iad anns an òrdugh sin nuair a ràinig iad am Blàr Buidhe.
Nuair a bha iad uile ann, chaidh an gille mòr gu taigh mòr brèagha. Chaidh na daoine uile a-steach. Fhuair iad àiteachan suidhe ris a’ bhalla - ach Conan. Cha robh rùm aigesan. Shuidh esan air leac an teine. Ach cha robh sgeul air a’ chuirm. Cha robh sgeul air biadh sam bith. Cha robh cùisean mar bu chòir.
Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.
An Litir Bheag 96
Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Ach cha robh comas aca èirigh. Lean am màsan ris na h-àitean-suidhe. Lean an casan ris an ùrlar. Lean an dromannan ris na ballachan. Bha druim is falt Chonain a’ leantainn ri leac an teine.
Cha tuirt Fionn guth. Chuimhnich e air a dheud-fios - no knowledge teeth. Chuir e a mheur fon dheud-fios. Fhuair e a-mach mun ghnothach.
Airson faighinn saor, bha iad feumach air fuil. B’ e sin fuil triùir mhac Rìgh Innis Tìle. Chuimhnich Fionn gun robh a charaidean Laoghaire agus Oscar saor fhathast. Bha fìdeag aige. Fìdeag shònraichte. Shèid e an fhìdeag trì uairean.
Tràth an ath mhadainn bha Oscar taobh a-muigh an taighe. “A bheil thu ann, Fhinn?” thuirt e. “Tha mise, Oscar, an seo, agus Laoghaire còmhla rium. Dè nì sinn?”
Dh’innis Fionn dhaibh an suidheachadh anns an robh iad. Dh’innis e dhaibh gun robh iad feumach air fuil airson a bhith saor. Fuil triùir mhac Rìgh Innis Tìle.
Dh’fhaighnich Oscar càite an robh iad a’ dol a dh’fhaighinn sin. Thuirt Fionn,“Aig beul na h-abhainn ud aig dol fodha na grèine.” Ach ’s e a’ mhadainn a bh’ ann. Bha an t-acras air na laoich. Dh’iarr Fionn air Oscar is Laoghaire biadh fhaighinn dhaibh.
Chaidh Oscar is Laoghaire gu Taigh Mòr. Chaidh iad a-steach. Ann an taigh na còcaireachd chunnaic iad fear a’ togail feòil à coire. Thuirt Oscar ri Laoghaire, “Thoir leat am biadh. Bheir mise an aghaidh air an duine.”
Nuair a chaidh Oscar a-steach, cha robh an duine ann. Ach bha clamhan ann. Clamhan mòr a bha deiseil gu leum air. Bha craosnach - no dart- aig Oscar. Thilg e an craosnach air a’ chlamhan. Thuit an clamhan don ùrlar. Thug Oscar is Laoghaire leotha gach pìos bìdh a bh’ ann.
Ràinig iad an taigh anns an robh Fionn. Rinn iad toll ann am balla an taighe. Chuir iad am biadh a-steach. Thuirt Fionn gun robh sluagh mòr gu bhith ann aig beul na h-abhainn aig dol fodha na grèine.
“Ciamar a bhios sinn ag aithneachadh mic Rìgh Innis Tìle?” dh’fhaighnich Oscar.
“Bidh deiseachan uaine orra,” thuirt Fionn.
Innsidh mi dhuibh dè thachair anns an ath Litir.
An Litir Bheag 97
Bha Fionn agus a laoich ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Cha robh comas aca èirigh. Airson a bhith saor, bha iad feumach air fuil mic Rìgh Innis Tìle.
Bha Oscar is Laoghaire a’ feitheamh ris na mic. Bha iad a’ feitheamh aig beul na h-abhainn aig dol fodha na grèine. Thàinig sluagh mòr. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Ach chan fhaca iad clann an Rìgh.
Dh’iarr Fionn orra dhol air ais gu beul na h-abhainn air an oidhche sin. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn an-dràsta,” arsa Fionn.
Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic Oscar duine fuathasach mòr, agus ceithir làmhan air. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. {Chaidh Oscar a-staigh ach cha robh an duine a-nise ri fhaicinn. Thug e sùil mun cuairt agus chunnaic e iolaire mhòr a’ dol a thilgeil ugh air.} Rinn an iolaire air Oscar. Thog Oscar an coire. Thaom e air an eun e. Thug an iolaire sgreuch aiste. Chaidh i tron bhalla. Chan fhacas a-rithist i.
Dh’fhalbh Oscar is Laoghaire le biadh airson Fionn is a chompanaich. Aig dol fodha na grèine bha Oscar is Laoghaire aig beul na h-abhainn. Chunnaic iad sluagh mòr a’ tighinn. Thug Oscar is Laoghaire ionnsaigh orra. Cha do dh’fhàg iad aon duine beò. Thill iad gu Fionn. Dh’innis iad do Fhionn nach tàinig clann an Rìgh. Dh’iarr Fionn orra tilleadh gu beul na h-abhainn an ath oidhche. Ach roimhe sin, bha an t-acras air Fionn is a chompanaich. “Faigh biadh dhuinn,” arsa Fionn.
Chaidh Oscar is Laoghaire don Taigh Mhòr. Chunnaic iad duine air an robh dà cheann agus ceithir làmhan. Bha e a’ togail feòil às a’ choire. Ach nuair a chaidh Oscar a-staigh, cha robh duine ann. Na àite bha Beithir Mhòr Sgiathach. Tharraing Oscar sleagh. Chuir e an t-sleagh tron Bheithir. Nuair a tharrainge an t-sleagh a-mach, chaidh a’ Bheithir à sealladh.
Chaidh Oscar is Laoghaire air ais gu Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Bha biadh aca do Fhionn is a dhaoine. Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “Bidh an fhuil agad a-nochd.”
Agus cluinnidh sibh deireadh na sgeulachdan ath-sheachdain.
An Litir Bheag 98
Tha sinn a’ tighinn gu deireadh na seann sgeulachd Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. Chaidh Fionn is càch cuide ri gille fuadain. Bha iad ann an Taigh a’Bhlàir Bhuidhe. Bha iad a’ leantainn ris na ballachan is ris an ùrlar. Cha robh comas aca èirigh. Airson a bhith saor, bha iad feumach air fuil. Fuil mic Rìgh Innis Tìle.
Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair, thuirt Fionn ri Oscar, “Bidh an fhuil agad anochd.” Dh’fhalbh Oscar is Laoghaire gu beul na h-abhainn. Thàinig sluagh mòr. Bha mic Rìgh Innis Tìle ann. Thug Oscar ionnsaigh air an t-sluagh mhòr. Thug Laoghaire ionnsaigh air mic an Rìgh. Bha buaidh aig Oscar. Cha do dh’fhàg e aon duine beò. Chaidh e far an robh Laoghaire. Bha làmh-an-uachdair aig Laoghaire. Ach chunnaic Oscar an fhuil. Bha i a’ taomadh air an lòn. Thòisich Oscar air an fhuil a chur ann an cupaichean. Ach mun robh na cupaichean làn dh’fhàs na cuirp rag.
Dh’fhalbh an dà laoch leis an fhuil a bh’ aca. Chaidh iad don taigh anns an robh Fionn agus a dhaoine. Thuirt Fionn, “Suathaibh an fhuil ris a h-uile pìos dhibh a bheanas don taigh.”
Rinn Oscar is Laoghaire sin. Chaidh iad a-staigh. Thòisich iad air na daoine fhuasgladh. Shuath iad fuil ri gach pìos dhiubh a bha a’ leantainn ris a’ bhalla, no ris an ùrlar. Dh’fhuasgail iad mar sin gach duine. Ach aon duine - Conan.
Cha robh fuil gu leòr aca airson Chonain. Bha a cheann ceangailte ri leac an teine. Dh’fhalbh Fionn. Bha e gu math toilichte. Cha deach e fada, ge-tà. Bha Conan a’ tighinn. Thàinig Cònan. Bha e gun fhalt is gun chraiceann eadar a cheann agus amhaich. Nuair a dh’fhairich e gun do dh’fhalbh càch, thug e slaodadh mòr air a cheann. Dh’fhàg e fhalt is a chraiceann ceangailte ri leac an teine. On latha sin a-mach, thuirt daoine ris “Conan Maol gun Fhalt”. Chaidh Fionn agus a dhaoine dhachaigh. Thuirt Fionn nach robh e a’ dol a dh’fhastadh gille fuadain tuilleadh.