Litir - Mathanas Dhè

Jan 01, 2014 13:41

bhon Litir do Luchd-ionnsachaidh # 738 & 739

A rèir beul-aithris, goirid às dèidh do Calum Cille tilleadh a dh''Eilean Ì, chaidh fear de na sagartan Pabach don Eilean Sgitheanach airson tadhal air daoine. Ràinig e innis anns a' coille anns an robh corra clach an siud 's an seo.

Cha robh aig an t-sgagart ach an t-aodach a bha uiime agus bachall. B' e am bachall an aon rud saoghalta a bhuineadh don t-sagart agus bha e priseil dha. Chaidh a dhèanamh dha le sagart eile fasg air a' mhanachainn aige air tìr-mòr na h-Alba. Bha e air a dhèanamh de dh'fhiodh uinnsinn.

Bha an sagart sgìth agus rinn e suidhe airson beagan fois a ghabhail. Chuir e an bachall ri a thaobh. Fhad 's a bha e a' gabhail fois, dh'fhairich e fuaimean agus gluasadan anns a' choille a bha ceithir-timcheall air. Bha e dhe bheachd gun robh e a' cluinntinn ghuthan, ach bha iad beag agus cha bhuineadh iad do mhac-an-duine.

Choimhead e suas agus cò air a bheulaibh ach sluagh mòr de dhaoine beaga. Bha iad eadar trì is ceithir a dh' airde. Ach a-mhàin sin, bha iad coltach ri daoine àbhaisteach.

Chlisg e agus, airson a dhìon fhèin, rinn e comharra na croise. Ach cha do chuir sin eagal air an t-sluagh. Thàinig fear dhuibh - bodach beag le feusag liath - air adhart agus chaidh e air a ghlùinean. "Tha mi ag iarraidh," ghuidh e, "gum beannaich sibh na daoine agam."

Bha an sagart air coinneachadh ris na sìthichean.

"Cò sibh?" dh'fhaighnich an sagart.

"Sìthichean," fhreagair am bodach. "Tha sinn ag iarraidh oirbh ùrnaigh a dhèanamh air ar son. Cha d'fhuair sinn riamh beannachadh Dhè."

"Dh'èirich an sagart. "Ùrnaigh a dhèanamh air ur son?!" thuirt e. "Cha dèan mi sin a-chaoidh. Do pheacaich mòra mar a tha sibhse, chan eil mathanas ann."

Thàinig cailleach bheag air adhart. "Tha aoibhneas ann an Neamh," thuirt i, "mu aon pheacach a tha a' gabhail aithreachas. An neach a thèid a lorg Dhè, cha tèid a dhiùltadh."

Chuir faclan na caillich dragh air an sagart. Ach, fhathast, bha e a' creidsinn gur e a dh'Ifrinn a bhuineadh na sìthichean. "B' fheàrr leam gum biodh mo bhacall na craoibh a-rithist seach gum faigheadh sibse mathanas Dhè," thuirt e. "Thallaibh às mo shealladh."

Agus theich an sìthichean. Ged a bha e deimhinne na theachdaireachd, tha teagamh ann an inntinn an t-sagairt. Mheòraich e air aodann a' bhodaich agus aodann na caillich nuar a dhiùlt e na tagraichean aca. Bha inntinn làn smuaintean agus dhìochuimhnich e a bhacall a thoirt leis nuair a dh'fhalbh e. Lean e air tron coille. Chuala e caoineadhean sìthichean. Bh' am fuaim air feadh na coille.

Bha an sagart air an rathad a thadhal air teaghlach, agus ràinig e am bothan aca. Bhaistich e an leanabh ùr aca. Agus thug e rabhadh do phàrantan a' phàiste a bhit am faiceall oir bha sìthichean anns an nàbachd.

Chuimhnich e a bhacall. Rinn fear an taighe bata ùr dha de dh'fhiodh-uinnsinn. Ach bha an seann bhachall priseil don t-sagart agus chuir e roimhe a lorg.

Dh'fhàg e an taigh, agus thill e don innis anns a' choille. Ràinig e i ach cha robh sgeul air a' bhacall. Far an do dh'fhàg an sagart a bhachall, bha craobh-uinnsinn mhòr air èirigh.

Thuit an sagart do a ghlùinean. Rinn e ùrnaigh airson ùine mhòr. Bha e a' cuimhneachadh na thuirt e ris na sìthichean. Bha e a' gabhail aithreachas. Bha e a' creidsinn gun robh Dia air bruidhinn ris. Ghairm e air na daoine beaga ach cha do thill iad. Ghluais e tron choille. Chuala e caoineadh nan sìthichean ach cha tigeadh iad faisg air.

Thill an sagart a Phabaigh far an d'fhuair e cead an t-eilean fhàgail airson a bhith a' fuireach anns a' choille. Rinn e searmonan a latha 's a dh'oidhche do duine sam bith a dh'èisteadh ris. Agusdo dh'ainmhidhean is eoin is craobhan. B' e an teachdaireachd aige "mathanas Dhè agus a gheibh duine sam bith e". Mean air mhean sguir an caoineadh sa choille, ach chan fhaca an sagart na daoine beaga tuilleadh.

creidsinn, litir do luchd-ionnsachaidh, sithichean, beul-aithris

Previous post Next post
Up