[Mowgli's brothers: a stranger's coming]'S e oidhche glè bhlàth a bh' ann anns na Cnuic na Seionaidh nan Innseachan. Dhùisg an Athair Madaidh-allaidh. Bha a' Mhàthair Mhadaidh-allaidh na sìneadh leis a sròn mhòr ghlas na laighe air na ceithir cuileanan aige a bha a' cadal.
"Feumaidh mi a dh'èirigh," ars' an Athair Madaidh-allaidh. "Is e an t-àm a shealg a-rithist."
Ach mus do dh'fhalbh e an uaimh aige, chunnaic e èigh às an Dlùth-choille. 'S e èigh tìgeir, 's e èigh Sireachan. Ach 's e eigh aig tìgear a nach d'fhuair càil sam bith. Agus 's coma le Sireachan ma chunnaic a h-uile duine a bha anns an Dlùth-choille e.
"Mac an donais!" ars' an Athair Madaidh-Allaidh. "A thòiseach obair na oidhche leis an fhuaim mar sin! A bheil Sireachan a' smuaineachadh nach tha cluasan aig na fèidh anns an Dlùth-choille?"
"Chan e fiadh a tha e a' sealg," ars' a' Mhathair Mhadaidh-allaidh. "Is e Mac-an-duine."
"Mac-an-duine!" ars' an Athair Madaidh-allaidh agus rinn e dranndan agus nochd e a h-uile fiaclan geala aige. "Agus air dùthaich againn cuideachd!"
Thuirt an Lagha Dlùth-choille nach fheum na beathaichean a shealg mac-an-duine. Ma thèid aon duine a mharbhadh le beathach, thigeadh h-uile duine gus na Dlùth-choille. Sealgadh na daoine agus marbhadh iad na beathaichean. Fuadaicheadh iad na beathaichean às an dachaigh.
Dh'èigh Sireachan. 'S e an èigh a rinn e nuair a bha e a' leum a mharbhadh. An uair sin rinn e an èigh eile. Tha fuaim an èigh sin coltach ri piseag.
"Chaill e," ars' a' Mhathair Mhadaidh-allaidh. "Èist! Tha cuideigin a' tighinn suas an cnoc. Deasaich!"
Thèid am fuaim bho chùl creag. Chuir an Athair Madaidh-allaidh a chasan fodha, bha e deiseil a leum. An uair sin, ma tha thu a' coimhead, bhiodh thu air fhaicinn rud neònach. Leum an Athair Madaidh-allaidh mus am faca e dè ris a bha e a' leum. Chaidh e còig troighean dìreach suas an adhar. An uair sin dh'fheuch e a chuir stad air-san. Cha mhòr nach do laighe e aig an aon àite far a leum e.
"Mac-an-duine!" ars' e. "Cuilean mhic-an-duine. Abair!"
Sheas leanabh donn an-sin gun aodaichean air idir idir. Bha e cho maoth, cho caomh ri càil a thighinn ann an uaimh madaidh-allaidh. Sheall e na ghnùis an Athar Madaidh-allaidh agus rinn e gàire.
"An e sin cuilean mhic-an-duine?" dh'fhreagair a' Mhathair Mhadaidh-allaidh. "Chan fhaca mi fear a-riamh. Thoir e an-seo. Chuir e ri taobh ar cuileanan."
Togaidh madadh-allaidh a chuilean fhèin leis a bheul. Dhùnadh beul an Athar Madaidh-allaidh air mhuin leanaibh. Ach cha do leònadh na fiaclan aige an leanabh. Agus laigh e e sìos am measg na cuileanan.
"Abair beag!" ars' a' Mhathair Mhadaidh-allaidh. "Agus chan eil falt air. Seo cuilean mhic-an-duine. An robh riamh madadh-allaidh a thogadh cuilean mhic-an-duine?"
"Chuala mi a leithid sin an-dràsta 's a-rithist," ars' an Athair Madaidh-allaidh. "Ach chan fhaca mi e."
"Mharbhadh mi e leis mo chas," ars' a' Mhathair Mhadaidh-allaidh. "Abair! Seallaidh e agam agus chan eil an t-eagal air."