(no subject)

Apr 13, 2011 08:08

http://www.smo.uhi.ac.uk/Foghlam/Leabharlann/mactalla/vol1/1/no1.pdf
Mac-Talla, vol. 1 #1 p.2
1892 May 28

SID 'us SO.

Tha bean ann an Oregon ag obair air gearradh chlach o chionn fichead bhliadhna.

Cha'n eil soitheach an luingeas chogaidh Bhreatuinn gun chomunn stuamachd air bord.

Tha cuid-eigin ag radh nach biodh na h-uirid de dh'amaidain san t-saoghal, mur biodh gach neach a creidsinn gur h-e fein Solamh.

Tha comunn ann an Chicago ris a canair "Comunn Mhanesseh". Cha'n fhaod duine bhi dhe'n chomunn so ach daoine dubha aig am bheil mnathan geala.

"Thig an t-am," ars an tuathanach ri ' sgalaig, "anns an teid agam air leathsachadh a bharra a ghiulain 'na phocaid." "Agus nuair a thig an t-am sin" ars Alasdair, "faodaidh sibh am barr a ghiulain nur pocaid cuideachd."

Chaidh dealbh a reic anns an Fhraing, o chionn ghoirid, airson 6000 Franc, no suas ri $1000. Cha robh an dealbh ach sia oirlich air fad, 'us ceithir air leud; agus bha cuid a meas gu'n d'fhuair am fear a cheannaich i deagh bhargan.

Nuair a leughas tu am paipeir so, fench (?) gu'n cuir thu ga iarraidh leis a cheud phosta. Nach suarach leth-dolair 'nad phocaid an coimeas ri paipeir Gaelig a bhi tighinn 'g'ad ionsnsaidh (?) uair 'san t-seachdainn, bho thoiseach gu deireadh na bliadhna.

Aig tiodhlacadh droch uachdarain anns a Ghaeltachd, 'nuair a bha iad a cur na h-urach air, thuirt fear dhe na croitearan a bha lathair:-
"Cuiribh air! cuiribh air! 'S e chuireadh oirnne;
'S ma dh'eireas e rithist, Cuiridh e an coir oirnn!"

FACLAN
luingeas chogaidh - warship
stuamach - see stuama (adj) - abstemious, moderate, temperate, sober
na h-uiread - so many, a great number
sgalag, sgalaig, sgalagan (f) - farm servant, workman
leathsachadh - ? (leasaich, a' leasachadh (v) - correct; replenish; manure, cultivate)
barr, barra (m) - top, uppermost part of anything; crop (grain, grass, vegetables); harvest
giùlain, a' giùlan (v) - carry, transport
fench - (typo for feuch - try)
cuir (v) a dh'iarraidh - send for
suarach, suaraiche - insignificant, trifling; despised; contemptible
an coimeas ri - compared to
ionsnsaidh -(typo for ionnsaidh - toward)
ùrach, ùraich (m) - earth
làthair, làthaire (f) - present, existence, company

mac-talla, gaidhlig, naidheachdan

Previous post Next post
Up