Mar 19, 2011 15:13
Caibideil a Dhà : Am Madadh Dubh air Lom
tdd. 14-17, earrain 29 - 50
Bi sin a' bhuile mu dheireadh de'n bhlàr. Aon uair as gu'n d'ràinig e an rathad, leòinte 's mar a bha e, thug Madadh Dubh a chasan leis thar bearradh(68) na bruthaich(69) ann an leth mionaid. Air a shonsa dheth, sheas an sgiobair ag amharc air a' bheàrna rinn e anns a' bhòrd os a chionn, mar dhuine nach robh a' tuigsinn ciod a thachair. Thug e suathadh air a shùilean dhà no trì uairean, agus mu dheireadh chaidh e air ais do'n tigh.
"A Sheumais," ars esan, "ruma" : agus mar a labhair e, thuislich(70) e, agus b' fheudar dha a làimh a chur an taic ris a' bhalla.
"A bheil sibh air ur goirteachadh?" dh'éigh mise.
"Ruma," ars esan. "Is fheudar dhomh an t-àite seo fhàgail. Ruma! Ruma!"
Chaidh mise le chabhaig 'ga iarraidh: ach bha mi air dhol a'm bhoil air sàilibh na chunnaic mi a tachairt, agus bhrist mi gloine, agus leig mi ruith leis a ghog(71), agus am feadh a bha mi turach-air-tharach(72) leis an obair, chuala mi fuaim tuiteam anns an t-seòmar a dh'fhàg mi, agus air dhomh ruigh a stigh, chunna mi an caiptean, 'na shìneadh air an ùrlar. Aig a' cheart àm thàinig mo mhàthar 'na ruith a nuas an staidhir, fuaim na h-aimhreit agus an éigheach an déidh eagal a chur oirre, agus theann(73) i ri mo chuideachadh. Eadarainn thog sinn a cheann. Bha e tarruing analach(74), agus sin glé dhoirbh dha a dhèanamh, ach bha a shúilean dùinte, agus dreach uamhasach air aodann.
"O mise, mise," ars mo mhàthair, "nach toir seo an tigh fo mhi-chliù! agus t-athair, an duine bochd, cho tinn."
Cha robh fhios againne, fo'n ghréin, ciod a ghabhadh dèanamh gus an sgiobair a chumail beò no chur am feobhas, agus gun smaoint againn air ni ach gu'm b' e an coigreach a thug buile-bhàis dha. Fhuair mise an ruma, fìor gu leòr, agus dh'fhiach mi ri chur sìos 'na bheul : ach bha 'fhiachlan dùinte ri chéile gu teann, agus bha a chibhlean(75) cho làidir ri iarunn. Bu mhór ar faohachadh(76) nuair a dh'fhosgail an dorus agus a thàinig an dotair a steach, air a thurus a dh'fhaicinn m'athar.
"O, a dhotair," thubhairt sinn a beul chéile, "ciod a ni sinn? Càit am bheil e air a leòn?"
"Air a leòn? Esan air a leòn?" ars an dotair. "Cha'n 'eil na's mò na tha thusa no mise. Tha an duine air a bhualadh le pairilis, mar a thubhairt mise ris a thachradh. Nise, a bhean, rachadh sibhse suas an staidhir far am bheil ur duine, agus ma 's urrainn duibh, na leigibh oirbh gu'n do thachair seo idir. Is fheudar dhomhsa fiachainn ri beatha an duine shuaraich(77) seo a shàbhalach : agus, a Sheumais, theirig agus faigh mias(78) dhomh."
An uair a thill mise leis a' mhèis, bha an dotair an déigh muilichinn(79) a chaiptein fhosgladh, a leigeil ris a ghàirdein(80), agus bu gharbh e. Bha caochladh(81) dhealbhan air an tarruin air, "cothrom math dhuit"(82), "soirbheas ciùin"(83), agus "Roghainn Uilleim Chnàmhan"(84), fo'n uilinn(85) : agus faisg air a ghualainn dealbh croiche agus duine an crochadh oirre - dealbh dha'n tug mise dearbh aire.
"Tha coltas fàisneachd(86) air sud," ars an dotair, a' cur a chorraig air an dealbh. "Seadh ma tà, Uilleam Chnàmhan, ma 's e sinn t-ainm, chì sinn ciod an dath a tha air t-fhuil. Sheumais," ars esan, " am bheil eagal agad roimh fhuil?"
"Cha'n eil," ars mise.
"Glé mhath, ma tà," ars esan, "cum thusa a' mhias," agus fhuair e an lannsa agus dh'fhosgail e cuisle.
Chaidh móran fala thoirt as mu'n dh'fhosgail an sgiobair a shùilean agus a sheall e car sgleòdhach(87) timchioll air. Air tùs(88) dh'aithnich e an dotair agus chuir e gruaig(89) air : an sin laigh a shùil ormsa, agus thàinig coltas ni b' aoibheile(90) air. Ach ann an tiotadh dh'atharraich e dath, agus thug e ionnsuidh air e fhéin a thogail, ag éigheach:
"Càit' am bheil Madadh Dubh?"
"Cha'n eil Madadh Dubh sam bith an seo," ars an dotair, "ach am fear aig am bheil greim air sgòrnan ort. Lean thu air òl ruma : thàinig am pairilis ort, dìreach mar a dh'innis mi dhuit: agus tha mise, gu mór an aghaidh mo thoile, an déigh do dhragadh(91) air chasan as an uaigh(92). Agus a nis, Uilleim Chnàmhain -- "
"Cha'n e sin m'ainm," ars esan.
"Is coma leamsa," fhreagair an dotair. "Is e sud ainm creachadair-mara(93) air am bheil mi eòlach; agus tha mi 'ga ghabhail ortsa mar ainm goirid, agus seo agad na tha agam ri ràdh riut; cha mharbh aon ghloine de ruma thu, ach mu ghabhas tu aon, gabhaidh tu té agus té eile, agus curaidh(94) mi mo phioraruig(95) an geall mur sguir(96) thu gu grad dheth, gu'm faigh thu bàs - am bheil thu tuigsinn? Gu'm faigh thu bàs, agus téid thu do t-àite féin, mar rinn an duine anns a Bhìobull. Siuthad(97), a nise, thoir oidhirp(98) air. Bheir sinn suas do'n leaba thu."
Eadarainn, le saothair(99) mhór chaidh againn air a thoirt suas chum na lobhta, agus a chur air a leabaidh far an deach' a cheann air a chluasaig cho trom as ged bhiodh e ann an laigse(100).
"Cuimhnich, ma tà," ars an dotair, "tha mise glanadh(101) mo choguis(102) dhiot - cha'n eil anns an ruma dhuitsa ach aon ni, am bàs."
Agus air dha sin a ràdh chaidh e a dh'amharc air m' athair, agus greim aig air ghàirdean ormsa.
"Na cuireadh sud sian(103) ort," ars esan cho luath 's a dhùin e an dorus. "Thug mi dh'fhuil as na chumas(104) na thàmh(105) e tacan math: bu chor a chumail far am bheil e fad seachduin. Is e sin a's fheàrr dha fhéin agus dhuibhse; ach dhèanadh aon bhile eile de'n phairilis an gnothuch air."
====
68. bearradh, bearraidh, bearraidhean - cutting (as of hair or other crop), shearing, clipping, pruning. tripping along
68. bearradh (m) - abrupt ascent, mountain ridge, precipice
69. bruthach, bruthaich, bruthaichean (m) - ascent, hillside, brae; le bruthach - downhill; ri bruthach - upwards; thug e am bruthach air - he took to his heels
70. tuislich, tuislieachadh (v) - stumble, slip; err, blunder; jostle
71. gog - (goc, goca, gocan (m) = tap, faucet)
72. turach-air-tharach - topsy-turvy
73. teann, a' teannadh (v) - move, proceed; begin, start, set about; teann air - approach, near;
74. anail, analach, anailean (f) - breath
75. cibheall, cibhlean (pl) - jaws (giall, gialla/ gèille, giallan (f) - jaw; peirceall, peircill, peirceallan (m) - jaw, jawbone)
76. faothachadh, faothachaidh (m) - relief (from suffering); faothaich, a' faothachadh (v) - relieve, alleviate, be relieved
77. suarach, suaraiche (adj) - insignificant
78. mias, mias/mèise, miasan (f) - basin
79. muil(i)chinn, muil(i)chinn, muil(i)chinnean (m) - (muin(i)chill, muin(i)chill, muin(i)chillean (m)) = sleeve
80. gàirdean, gàirdein, gàirdeanan (m) - arm
81. caochladh, caochlaidh, caochlaidhean - change, alter; a variety of
82. cothrom math dhuit = comfortable conditions to you, i.e. "Here's Luck"
83. soirbheas ciùin = calm fair winds, i.e. "Fair Winds"
84. roghainn Uilleim Chnàmhan = William Bones's choice, i.e. "Billy Bones, his fancy"
85. uileann/ uilinn, uilinn/ uilne, uilnean/ uileannan (f) - elbow
86. fàisneachd (f, invar) - a prophecy
87. sgleòdhach, sgleòdhaiche (adj) - shadowy, filmy
88. air tùs (adv) - first, foremost; an tùs (adv) - at first
89. gruaig - ? (gruaim, gruaime (gen) (f) - frown, scowl; cuir e gruaim air - he scowled)
90. aoibheil, aoibheile - cheerful, more cheerful
91. drag, a' dragadh (v) - drag; (part, separate)
92. uaigh, uaighe/ uaghach, uaighean (f) - grave
93. creachadair-mara (m) - sea-raider, buccaneer - (creachadair, creachadairean (m) - plunderer, free-booter, raider)
94. curaidh - ? (cuir ri - eat somewhat)
95. pioraruig - (pior-bhuic/ piorbhuig (f) = periwig, wig)
96. sguir, a sgur (v) - stop, cease
97. siuthad - on you go!
98. oidhirp, oidhirpe, oidhirpean (f) - attempt, a try, an effort, a shot
99. saothair, saothrach, saothraichean (f) - labour, hard work
100. laigse, laigse, laigsean (f) - weakness, infirmity, faint
101. glan, a' glanadh (v) - clean, purge
102. coguis - (cogais, cogaise, cogaisean (f) - conscience)
103. sian, sìne, siantan (f) - a thing, something, anything (also - a storm, the elements/ climate (in plural))
104. na chumas - that will keep
105. tàmh, a' tàmh (v) - rest, live, stay; tàmh, tàimh (gen) (m) - rest, peace, idleness, in activity
treasure_island,
leabhar,
eilean_an_ionmhais