Mag Pàirce agus Diomhaireach dhen Soidhne Rathaid

Feb 01, 2011 22:28

le Eleanor Robbins
eadar-theangalach le Caitrin à puxill

CAIBIDEIL a CÒIG : Tha na Caileagan a' faighinn iongnadh

A dh'aithghearr bha na caileagan air an t-slighe a-mach a' bhaile. Dhraibh Mag gu curamach. Tha i 'n dòchas nach faicead iad an bhana dhubh-gorma a-rithist. Cha mhòr nach do bhuail i iad. Cha do dh'iarr i a thachairt a-rithist. Cha bhiodh i a stad ris an uair an turas eile.

"Tha mo mhiann gun robh Fred ag obair aig Bùth Reòiteag feasgar an-diugh," arsa Ceit. "An uair sin bhiodh tu ga dhraibhead an-sin cuideachd."

"Tha i mar gum bi rudeigin ceàrr a-riamh leis a' chàr aig Daibhidh," arsa Mag. "
Bhiodh mi a' draibhead dithis dhaibh am feasgar eile."

Cha robh Ceit ag ràdh idir airson mionaid. An uair sin thuirt i "Tha mi 'n dòchas nach fheuch duine sam bith a' goid an làraidh sin bhon bhanca. Bu chòir dhan na daoine aig a' bhanca a ghabhail poilis a dhol leatha a Bhaile Meadhanaich."

"Tha mi ga smuaineachadh cuideachd," arsa Mag. "Ach tha fios aig na daoine aig a' bhanca nas fheàrr."

"Tha mi 'n dòchas gu bheil," arsa Ceit.

Bha Mag an dòchas sin cuideachd.

Stad Mag a' càr aice aig soidhne stad.

"'Seo a far tionndaidheadh sinn gu an làimh cheàrr, a Mhag," arsa Ceit.

"Cha tionndaidheadh, a Cheit," arsa Mag. "Tha Sandaidh a' fuereachd air an rathaid dhan Bhaile Meadhanaich."

"Seo an rathaid dhan Bhaile Meadhanaich," arsa Ceit.

"Chan eil mi a' creidsinn gur e," arsa Mag. "Chan eil soidhne rathaid aige ga nochdadh dhan Bhaile Meadhanaich. Thuirt Sandaidh gun biodh fear ann."

"Chan eil thu a' dol dhan Bhaile Meadhanaich a-riamh," arsa Ceit. "Ach chaidh mi thall thairis gu tric. Tha mi cinnteach gur e seo an rathad dhan Bhaile Meadhanaich. 'S dòcha gun d' fhuair cuideigin an soidhne."

"Carson a fhuair duine sam bith an soidhe?" dh'fhaighnich Mag.

"Chan eil fios agam. Ach tha mi cinnteach gur e seo an rathad," arsa Ceit. "Mar sin thionndaidheadh tu gu an làimh ceàrr an-seo."

"Tha mi a' smaoineachadh gu cùmadh sinn a dhol sìos an rathad," arsa Mag.

"Tha fios agam an t-slighe dhan Bhaile Meadhanaich," arsa Ceit. "Agus chan eil fios agadsa. Tha thu a' dol a chall sinn."

Tha fios aig Mag nach e an rathad air gun fheum sinn a tionndaidh. Ach bha a' chàr eile a' tighinn suas air chùlaibh na càr aice. Bha fios aice nach cùm iad stad aig soidhne stad nas fhaide.

Thionndaidh Mag gus an làimh cheàrr. Dh'iarr i a nochdadh Ceit nach e an rathad ceart a th' ann.

"Glè mhath a Mhag," arsa Ceit. "A-nis tha sinn air an rathad dhan taidh Sanndaidh."

Cha tuirt Mag facal. Tha fios aice gun fhaic Ceit a dh'aithghearr nach eil an rathad ceart.

Dhraibh Mag sìos an rathad airson beagan mionaid. Chan fhaca i taigh sam bith.

Feumaidh i a dhraibhead timcheall oisean.

An uair sin fhuair i agus Ceit iongnadh.

gaelic, Gàidhlig, easy_reading

Previous post Next post
Up