ÈIRIG FHINN, pt. 4

Oct 26, 2008 13:46

Litir do Luchd-Ionnsachaidh nr 315 An Litir Bheag nr 11 Tharraing am fear beag a chlaidheamh. Thug am fear beag a chlaidheamh a-mach. Marbh e am marcaiche. Bha e airson faighinn a-mach dè bha am marcaiche a’ giùlan. Marbh e am marcaiche. Bha e airson faicinn dè bha am marcaiche a’ giùlan. Rinn e rannsachadh air a’ chorp is am measg a chuid aodaich. Cha do lorg e, ge-tà, ach dà chìr agus sporan seang sìoda. Rinn e rannsachadh air a chorp. Lorg e dà chìr agus sporan. Dh’fhosgail e an sporan. Na bhroinn bha sia fiaclan. Sia fiaclan Fhinn ‘ic Cumhail. Dh’fhosgail e an sporan. Anns an sporan bha sia fiaclan. Sia fiaclan aig Fionn Mac Cumhail. Thill am fear beag dhachaigh leotha. Chaidh am fear beag dhachaigh leis na fiaclan. Dh’fhaighnich fear de na bràithrean dheth, “Dè chunnaic thu an-diugh air do chuairt?” Dh’fhaighnich fear de na bràithrean, “Dè chunnaic thu an-diugh?” “Thàinig dubharadh froise às an àird an iar-thuath,” thuirt am fear beag. “Às a sin thàinig marcaiche steud dhuibh orm.” “Thàinig marcaiche orm,” thuirt am fear beag. “Thug e ionnsaigh orm. Ach tharraing me mo chlaidheamh agus mharbh mi e.” “Thug e ionnsaigh orm. Ach mharbh mi e.” “Dè fhuair thu na lùib?” dh’fhaighnich na bràithrean. “Dè lorg thu aige?” dh’fhaighnich na bràithrean. “Cha d’ fhuair,” ars’ am fear beag, “ach dà chìr agus sporan seang sìoda, anns an robh sia fiaclan.” “Lorg dà chìr agus sporan,” ars’ am fear beag. “Bha sia fiaclan anns an sporan.” “Och och,” thuirt am bràthair as àirde. “Mharbh thu an t-aon bhràthair a bh’ aig m’athair.” “Och och,” thuirt am bràthair as àirde. “Cha do rinn thu math riabh dhuinn. Ach rinn thu cron an-diugh. Mharbh thu an t-aon bhràthair a bh’ aig m’ athair.” Thuirt am fear beag riutha, “Mura h-eil an gnìomh a rinn mi taitneach dhuibh, nì mi a’ cheart rud oirbh fhèin.” Thuirt am fear beag, “Tha mi coma.” An uair sin thuirt fear eile de na bràithrean, “ ‘S fhada bha na bhathar ag ràdh gur e am fear a thigeadh is a thogadh èirig Fhinn ‘ic Chumhail a bheireadh saorsa dhuinn bho gach cath is cogadh.” Thuirt fear eile de na bràithrean, “Bha iad ag ràdh gun robh fear a’ dol a thogail èirig Fhinn ‘ic Cumhail. Agus bha esan a’ dol a thoirt saorsa dhuinn bho shabaid is bho chogadh.” Thuirt am fear beag ìosal lapanach an uair sin gu robh èirig Fhinn aige agus mar sin gum biodh e a’ falbh. Thuirt am fear beag gu robh èirig Fhinn aige. Mar sin bha e a’ falbh. Thuirt na bràithrean ris gum faigheadh e bhuapa steud dubh a mharcaicheadh an cuan glas mar gur e machair geal sgiamhach a bh’ ann. Thug na bràithrean each luath dubh dha. “Ma bheir thu ar naidheachd-ne do ar piuthar, bidh i agad fhèin mar bhean,” thuirt na bràithrean ris. “Thoir ar naidheachd do ar piuthar, agus bidh i agad fhèin mar bhean,” thuirt na bràithrean ris. Dh’fhalbh am fear beag air an steud. Dh’fhalbh am fear beag. Bha e air an each. Chaidh an t-each thar a’ chuain. Aig beul na h-oidhche bha e air ais còmhla ri Fionn Mac Cumhail. Aig beul na h-oidhche bha am fear beag còmhla ri Fionn Mac Cumhail. Dh’fhaighnich e de Fionn ‘s de cho-dhaltan an d’fhuair iad an èirig. Fhreagair iadsan, “Cha d’ fhuair.” Dh’fhaighnich e de Fhionn ‘s de cho-dhaltan an d’ fhuair iad an èirig. Fhreagair iadsan, “Cha d’ fhuair.” Thug am fear beag an sporan seang sìoda a-mach. Dh’fhosgail e e, is thug e na sia fiaclan a-mach. Thug am fear beag an sporan a-mach. Dh’fhosgail e an sporan. Thug e na sia fiaclan a-mach. Thuirt e ri Fionn, “Tha d’ èirig an sin dhut, ‘s cha d’ fhuair do cho-dhaltan e.” Thuirt e ri Fionn, “Tha d’ èirig an sin, ‘s cha d’ fhuair do cho-dhaltan e.”

fionn mac cumhail, finn maccool, sgeulachan

Previous post Next post
Up