ÈIRIG FHINN, pt. 3

Oct 26, 2008 09:56



Litir do Luchd-Ionnsachaidh nr. 314 An Litir Bheag nr. 10
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag. “Cò eile a thig?” thuirt am fear beag.
“Thig rèiseamaid eile,” thuirt fear de na bràithrean ris. “Bidh cluicheadairean clàrsaich air an ceann. Cuiridh iadsan nad chadal thu.” Thig rèiseamaid eile,” thuirt aon bhràthair. “Bidh cluicheadairean clàrsaich aca. Cuiridh iad nad chadal thu.”
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag.
“Thig bodach mòr,” thuirt bràthair eile. “Marbhaidh e thu, mura cum thu cath oidhche ris.”
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag a-rithist. “Cò eile a thig?” thuirt am fear beag.
“Thig cailleach mhòr mhòr,” thuirt an treas bràthair. “Ma gheibh i faisg ort, marbhaidh a h-anail thu.” “Thig cailleach mhòr mhòr,” thuirt an treas bràthair. Ma bios i faisg ort, marbhaidh a h-anail thu.”
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag. “Cò eile a thig?” thuirt am fear beag.
“Cha tig duine eile,” fhreagair na bràithrean. Agus dh’fhalbh am fear beag. “Cha tig duine sam bith eile,” fhreagair na bràithrean. Dh’fhalbh am fear beag.
Nuair a ràinig e an t-àite, chunnaic e rèiseamaid a’ tighinn. Ràinig e an t-àite. chunnaic e rèiseamaid a’ tighinn.
Chaidh e am falach. Chaidh e am falach.
Chaidh na saighdearan seachad. Chaidh na saighdearan seachad.
Chaidh am fear beag air an cùlaibh agus mharbh e a h-uile fear aca. Chaidh am fear beag air an cùlaibh. Mharb e a h-uile duine aca.
Thàinig a’ chailleach an uair sin. Bha stopan draoidheal aice. Thàinig a’ chailleach. Bha soitheach draoidheail aice.
Laigh am fear beag am measg nan daoine marbh, mar gu robh e fhèin marbh. Laigh am fear beag am measg nan daoine marbh, mar gu robh e fhèin marbh.
Chuir a’ chailleach corrag anns an stopan. Chuir i a corrag ann am beul fear de na saighdearan, agus dh’èirich e beò. Chuir a’ cailleach corrag anns an t-soitheach. Chuir i a corrag ann am beul fear de na saighdearan, agus dh’èirich e beò.
Chuir i a corrag ann am beul an fhir bhig. Thug esan a corrag dhith bho na rùdanan, le fhiaclan. Chuir i a corrag ann am beul an fhir bhig. Bhìd esan a corrag dhith.
Leig a’ chailleach glaodh. Leum am fear beag gu chasan agus gheàrr e dheth ceann an t-saighdeir agus ceann na cailliche. Leum e gu chasan. Mharbh e a’ chailleach agus an saighdear.
Thàinig an rèiseamaid eile de shaighdearan. Thàinig an rèiseamaid eile.
Bha cluicheadairean clàrsaich air an ceann. Bha cluicheadairean clàrsaich aca.
Thàinig sgìths uabhasach air an fhear bheag. Dh’fhàs am fear beag uabhasach sgith.
Airson a chumail fhèin na dhùisg, chuir e ceann a’ chlaidheimh ri chois agus bàrr a’ chaidheimh ri bhathais. A h-uile turas a bha an cadal a tighinn air, chum a chlaidheamh na dhùisg e. Ach chum e na dhùisg.
Nuair a chaidh na saighdearan seachad air, leum e a-mach orra agus mharbh e iad. Nuair a chaidh na saighdearan seachad, leum e a-mach agus mharbhe e iad.
Bha aige ri feitheamh ris a’ bhodach mhòr. Rinn e toll domhainn anns an talamh. Thuit am bodach ann agus gheàrr am fear beag a cheann dheth.
An uair sin thàinig a’ chailleach mhòr mhòr. Nuair a bha i faisg air, bha a h-anail ga laigeachadh. Thàinig a’ chailleach mhòr mhòr.
Bha iad a’ sabaid le chèile fad na h-oidhche. Bha iad a’ sabaid fad na h-oidhche.
Aig briseadh an là, dhùisg na bràithrean. Chaidh iad a-mach don àite far an robh am fear beag is a’ chailleach mhòr mhòr a’ sabaid. Anns a’ mhadainn chaidh na bràithrean ann.
“Cuir thusa do mheur anns an stopan,” thuirt am fear beag ri fear de na bràithrean, “agus cuir nam bheul e.” “Cuir do chorrag anns an t-soitheach,” thuirt am fear beag ri fear de na bràithrean, “agus cuir nam bheul i.”
Rinn am bràthair sin agus gheàrr am fear beag ceann na cailliche mòire dhith. Thug na braithrean am fear beag dhachaigh leotha air an guailnean. Rinn am bràthair sin agus mharbh am fear beag a’ chailleach.
Bha iad a’ fuireach còmhla airson ùine gu dòigheil. Bha an ceathrar a’ fuireach còmhla.
Ach là a bha seo bha am fear beag ìosal lapanach a-muigh air chuairt anns a’ mhonadh. Ach là a bha seo bha am fear beag anns a’ mhonadh.
Chunnaic e dubharadh froise a’ tighinn às an àird an iar-thuath. Às a sin thàinig marcaiche steud dhuibh. Thàinigh marcaiche às an àrd an iar-thuath. Bha e air each dubh.
Thug am marcaiche ionnsaigh chruaidh air an fhear bheag. Thug am marcaiche ionnsaigh air an fhear bheag.
Tharraing am fear beag a chlaidheamh agus ... thug am fear beag a chlaidheamh a-mach agus ...
... uill, innsidh mi dhuibh dè thachair nuair a chuireas mi crìoch air an sgeulachd ann ath-sheachdain. ... uill, innsidh mi dhuibh dè thachair an ath-sheachdain, nuair a a thig an stòiridh gu crìch.

fionn mac cumhail, finn maccool, sgeulachan

Previous post Next post
Up