Bha boireannach uaireigin a' fuireach faisg air Baile a' Chlaidh ann an Gallaibh. A-nis, tha dà bhaile bheag ann an Gallaibh air a bheil Baile a' Chlaidh. Tha aon dhiubh faisg air Dùn Bheithe. Tha an stoiridh seo a' tighinn bhon fear eile. Tha seo anns a' mhonadh letheach-slighe eadar Dùn Bheithe agus Bhatan.
Tha Baile a' Chlaidh a' ciallachadh 'the township of the cemetery'.
Co-dhiù, bha a' cailleach seo a' fuireach ann am bothag faisg air a' bhaile. Bha i air an robh Am Fitheach mar far-aimn.
Nise, do na seann daoine, bhiodh fitheach a' riochdachadh droch rudan. Bha mòran a' creidsinn gum biodh fithich òga a' marbhadh nan seann fhitheach. Do bhrìgh sin chanadh iad "Bàs an fhithich ort!" mar mhallachd. Cha robh deagh bheachd aig muinntir an àite air an t-seann bhoireannach, tha fios. Chreid iad gur i bana-bhuidseach a th' innte. (Tha mi a' smuaineachadh nach robh deagh bheachd aig an Fhitheach orrasan, nas motha!)
Ge-tà, aig an àm ud rachadh daoine a chèilidh air buidsichean airson na comhairle fhaighinn.
Latha a bha seo, air Latha na Bealltainne, thàinig boireannach à Meaghrath a chèilidh air an Fhitheach. Lorg i i ri taobh allt. Bha am Fitheach a' ràchadh an fheòir le sìoman; ceangailte ris an t-sìoman bha badan fraoich. Bha am Fitheach ri buidseachd. Bha am beachd aig am boireannach à Meaghrath gu robh i ri buidseachd an aghaidh nan tuathanaich.
A-nise, aig an àm ud bha muinntir an àite gu mòr an urra ri math na bà aig an àm ud. Agus cha robh cùisean a' dol gu gu math do chuid. Bha cuid de cruidh aca seasg -- cha robh iad a' toirt bainne -- agus mar sin cha robh mòran bainne no càise aig na coimhearsnaich sin. 'S iad na coimhearsnaich leis nach toigh i, tha fios.
Ge-tà, bha gu leòr de na dhà aig teaghlaichean aig an robh càirdeas math don Fhitheach. Mar sin, bha an fheadhainn nach robh a' deànamh gu math dhen bheachd gu robh am Fitheach an cur fo dhroch gheasaibh. Bha lugha orra i nas motha.
Gu tric bhiodh daoine a' faicinn geàrr am measg a' chruidh. Bhathar a' creidsinn gun robh cumhachd aig buidsichean riochd gearra a ghabhail uair 's àill leotha. Bha na beachd gun robh i am Fitheach 's mar sin chaidh coin a chur an tòir oirre. Ach cha deach aig na coin air a' gheàrr a ghlacadh. Bhiodh i a' faighinn air falbh le bhith a' ruith a dh'ionnsaigh a' chlaidh.
Aig amannan bhiodh daoine a' faicinn geàrr ann am Camstar - an sgìre gu sear air Baile a' Chlaidh. (Tha aon chnoc ann gu deas air Baile a' Chlaidh air a bheil "Cnoc na Geàrra". Cha urrainn dhomh a ràdh co-dhiù chaidh ainmeachadh airson na geàrra seo, ge-tà.)
Mhothaich na daoine gun robh geàrr a bhiodh an-còmhnaidh a' ruith anns na frith-rathaidean aig na caoraich. Bha na beachd gun robh a' gheàrr a bha ann am Camstar an aon geàrr a bha am measg a' chruidh. Chuir fear dhiubh ribe ann am frith-rathad. Airson an ribe a dhìon an aghaidh buidseachd, rinn e an cnagan de dh'fhiodh caorainn. Bidh fios agaibh uile gu bheil a' chraobh-chaorainn ag obair an aghaidh buidseachd.
Co-dhiù, chaidh geàrr a ghlacadh anns an ribe ach nuair a ràinig an duine i, cha b' e geàrr a bh' innte idir ach boireannach. Am Fitheach. Bhon latha sin a-mach, bha droch fhortan aig an duine sin agus beagan mhìosan às dèigh sin, chaidh a bhàthadh ann an Uisge Theòrsa.
Bheil cuimhne agaibh gu do thuirt mi nach robh deagh bheachd aig an Fhitheach air a coimhearsnaich? Uill, seo an crìoch neònach a th' air an stoiridh.
Bha dà thursa mhòr nan seasamh faisg air a' Bhaile a' Chlaidh. Latha a bha seo, chunnacas am Fitheach a' dol don na tursan seo. Ruith i timcheall a' chiad tursa air seachd tursan deiseil agus an uair sin seachd tursan tuathail. Rinn i an aon rud aig an tursa eile. Shuidh i air mullach na cloiche is thàinig i sìos. Rinn i sin seachd tursa cuideachd. Agus an uair sin rinn i an dearbh rud air an tursa eile.
'S e rud a tha, a-rèir beul-aithris, sin an dòigh a dh'fhosgail sìthichean. Coiseach timcheall seachd turas. Tha mi a' smaoineachadh gun robh am Fitheach a' teich bhon Bhaile a' Chlaidh a bhith a' dol a-staigh sìthichean.
Cha robh e ag obair, ge-tà. Dà latha às dèidh, chunnacas i a' coiseachd a dh'ionnsaigh a' chinn a deas. Shuidh i greis air àirde a chaidh ainmeachadh Creag an Fhithich às a dèidh. Agus lean i oirre. Chaidh i tarsainn an Ùird Ghallaich agus cha chuala muinntir Ghallaibh guth oirre tuilleadh.
Fada fada ron a seo ...

Reply

Leave a comment