Dec 30, 2014 10:39
Às an leabhar-lànn neo-shaoghalta
30mh a' Dubhlachd
Naoidheamh là dhen Gheamhraidh
An-dè dh'aithris mi gun robh tarbh-boidhre ann an Argentina agus dh'uchd-mhachaich an ceann-suidhe e. Chan eil an sgeul sin buileach fìor. 'S fìor e gur seachdamh mac e. 'S fìor e cuideachd gun dh'uchd-mhachaich an ceann-suidhe e ... mar bana-ghòistidh agus 's fìor e gun uchd-mhachaichidh an ceann-suidhe Argentina gach pàiste a tha an seachdamh clann ach chan eil fìor gur e a-rèir beul-aithris gum bi am pàiste sin fo gheasaibh mar tarbh-boidhre.
'S e an obair de trobha a th' anns an aithris sin.
Chan eil furasta a dh'fhaicinn trobha gu dìreach; tha e mòran nas fhasa a dh'fhaicinn an obair aige. 'S iad gealtach mòr mhòr; slaightearan a' ceileadh iad-san fhèin air an ìobairteachan; fo chlach, fo dhrochaid, fo gheata; fo mhasgan, fo ainmean breugach, fo aodannan breugach.
A rèir an leabhar "A Field Guide to the Little People" le Nancy Arrowsmith agus George Moorse, 's e sìthichean Lochlannach a tha ann na trobhaichean ach nuair a bidh daoine a' tighinn air trobhaichean an-diugh, 's e uilebheist air a tha iad a' smaoineachadh.
Tha an aithris anns an leabhar "The Writer's Complete Fantasy Reference" ag ràdh nach eil trobhaichean cho àrd ri famhairean, tha iad ceangailte ri clachan agus bidh iad fhèin a bhith clachan nam biodh iad a-mach aig an èirigh na grèine. Thachair Bilbo Baggins air trì trobhaichean anns an uirsgeul "The Hobbit" agus dh'atharrachadh iad nuair dh'èirich a' ghrian. Tha iomadh a trobha anns na uirsgeulachan le Terry Pratchett. 'S e forfaireach, no poilisman a tha ann Detritus, a tha fear dhiubh.
Air an eadar-lìn, ge-tà, 's e uilebheist a tha ann an trobha. Slaightearan salach, mosach, gràineil, breun. 'S toigh leotha a mhilleadh daoine eile bho fheall-fhalach.
Tha mi a' tàireadh air trobhaichean eadar-lìn; is lugha orm dhaibh a h-uile fear.
('S toigh leam uabhasach math Detritus, ge-tà.)
neo-shaoghalta,
field guide,
leabhar-lann,
sithichean,
uile-bheist