Às leabhar-lànn neo-shaoghalta
Diluain, 29 an Dùbhlachd
7mh latha a' Gheamhraidh
Tha tarbh-boidhre air a fhaicinn anns an Argentina. 'S e an seachdamh mac a tha ann an Yair Tawil agus a rèir beul-aithris tha sin a' ciallachadh gur tarbh-boidhre e. Tha cuid a' smaoineachadh gun tèid e fo gheasaibh air a' chiad Dihaoine air don cho-là-breith nuair a tha e trì deug bliadhna a dh'aois. Agus an uair sin, thèid e fo gheasaibh gach àm a tha a' ghealach làn.
Airson a chur stad gu sin a' tachairt, tha an ceann-suidhe Argentina g' uchd-mhacaich. Seo dè tha iad air a bhith a dhèanamh anns an Argentina on 1907, bidh an ceann-suidhe ag uchd-mhacaich gach seachdamh mac sam bith , ron an cho-là-bhreith nuair a bhios e trì deug bliadhna a dh'aois.
A rèir Dwelly, 's e "uile-bheist, deamhan; dia leis comas a dhol fo gheasaibh agus bi iomadh cruth" a tha ann an tarbh-boidhre. Chan eil mi a' faighinn facal airson "werewolf" no "lycanthrope" no "beserker" agus a chionn sin tha mi a' cleachdadh am facal "tarbh boidhre" airson na faclan seo.
Tha trì seòrsa tairbh-boidhre :--
(1) neach a bha mallachd air a bhith a chur air
- chur cuideigin am mallachd air
- bhìd tarbh boidhre eile e
(2) neach a chur mallachd air fhèin-sa
- tron draoigheachd no le ob
- a' dèiligeadh ris an Donas
(3) neach a rugadh mallaichte
Fhad 's a bhios comas aig cuid a dhol fo geasaibh nuair a bhios iad ag iarraidh, feumaidh a h-uile seòrsa tairbh-boidhre a dhol nuair a' ghealach làn.