or
The Tailor Who Didn't Believe in Ghosts
I started this a few days back and got bogged down - mostly because the version I prefer is mostly in English and I didn't care for the ones in Gaelic. ... And because I wrote it down in a letter for my niece which defused the pressure to post it here
(
Read more... )
Fada fada ron a seo ....
Uaireagan bha tàillear nach do chreid anns na taibhsean.
Aig an àm sin, bha mòran a' creidsinn gun robh cuid de na cladhanna le tobhtaichean sheann eaglaisean annta air an tathaich le taibhsean agus bòcain. Anns a' bhaile far a bha an tàillear seo a' fuireach, bha ' leithid de sheann eaglaise a bha daoine dhen bheachd gun robh tàbharnadh oirre. Thuirt an tàillear gum fuaighleadh e paidhir-thriubhais anns an eaglais eadar àm dhol a laidhe agus gairm-choileach.
Thug a choimhearsnaich e air fhacal. Air an oidhche sin fhèin, cho luath 's a thàinig am beul na h-oidhche, thug iad don eaglais agus chaidh e a-staidh. Shuidh e air lic-lighe a bha faisg air an dorais agus thòisich e air an truibhais fhuaigheal.
Chaidh uair seachad agus bha an eaglais cho sàmhach ris an uaigh. Bha an tàillear na shuidhe agus a' fuigheal.
Chaidh an darna uair seachad, bha e dà uair dheug, meadhan-oidhche. Aig a' bheum-cluig mu dheireadh, chuala an tàillear cagar fròmhaidh a thàinig a-mach an dorchadas.
"Fhaic thu 'n ceann mòr liath, 's gun bhiadh, a thàilleir?"
Choimhead e agus bha ceann ann ag èiridh às a' ghrunnd eadar e 's an uinneag. Bha an t-eagal air ach thuirt e "Chì mi sin agus fuaighidh mi seo" agus leanntain e a fhuaigheal.
An ceann ghoirid chuala e an guth fròmhaidh ceudna a-rithist a' cagar le fuaim na b' àirde, "Fhaic thu sgòrnan fada riabhach siud, 's gun bhiadh, a thàilleir?"
Bha 'n rud uabhasach nas dlùithe ach freagair an tàillear a-rithist, "Chì mi sin ach fuaighidh mi seo".
An ceann greiseig thuirt an guth fròmhaidh a-rithist le fuaim a b'àirde fhathast, "Fhaic thu a' gualainn mhòr riabhach siud, 's gun bhiadh, a thàilleir?"
Fhreagairt an tàillear an treas turas, "Chì mi sin agus fuaigh mi seo." Dh'fhuaigh e na bu luaithe ge-tà.
Thàinig e na bu dlùithe 's na bu dlùithe. "Fhaic thu ' cholann fhada riabhach siud, 's gun bhiadh, a thàilleir?" agus a-rithist, "Fhaic thu 'n gairdean fada riabhach siud, 's gun bhiadh, a thàilleir?"
Gach turas fhreagairt an tàillear mar bu ghnàth leis, "Chi mi sin, agus fuaighidh mi seo." Agus gach turas, dh'fhuaigh e na bu luaithe fhathast.
Thuirt an guth fròmhaidh, "Fhaic thu a' chròg mhòr riabhach siud, 's gun bhiadh, a thàilleir?" Bha an làmh na sìneadh ris an tàillear, cha mhòr nach do ghabh grèim air i.
Bha an t-eagal uabhasach mòr air an tàillear ach fhreagairt e a-rithist, "Chì mi sin agus fuaigh mi seo." Agus chluich e 'n t-snàthadh na bu luaithe agus tharraing e na greimeannan na b'fhaide. Bha fios aige gun bha an t-àm a' tighinn dha teicheadh.
An ceann greiseag thuirt an guth fròmhaidh le fuaim uabhasach àrd gu dearbh, "Fhaic thu 'n t-sliasaid fhada riabhach siud, 's gun bhiadh, a thàilleir?"
"Chi mi sin agus fuaigh mi seo," ars an tàillear. Le sin chriochnaich e 'n obair le dà no trì de ghreimeannan fada, snaidhm cruaidh air an ceann.
Thuirt an guth fròmhaidh agus e teann air an tàillear a-nis, "Faic thu a' chas mhòr riabhach siud, 's gun bhiadh, a tàilleir?"
Shèid an tàillear às a' choinneal agus leum e dh'ionnsaigh an dorais agus an duine marbh ga leantainn. Cha mhòr nach do fhuair am marbh e nuair a thòisich coileach air ghlaodhaich agus an sin thuit am marbh air ais d' a uaigh, agus thill an tàillear dhachaigh gu buadhmhor.
Cha do thuirt e a-chaoidh nach chreid e anns an taibhse, ge-tà.
Reply
Leave a comment